Bile Seirbheis Nàiseanta a' Chùraim (Alba) Ceistean is Freagairtean – seiseanan conaltraidh

As t-samhradh 2022, chùm sinn na ceithir seiseanan co-chonaltraidh againn air Bile na Seirbheis Cùraim Nàiseanta. Chaidh grunn cheistean a thogail sna seiseanan sin, mar sin tha sinn air ceistean is freagairtean (C is F) ullachadh airson nan ceistean sin


An t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta agus leasachadh a' Bhile

Dè an t-adhbhar a th' aig a' Bhile agus carson nach eil cus mion-fhiosrachadh ann?

  • Is e adhbhar Bile na Seirbheis Cùraim Nàiseanta (Alba) piseach a thoirt air càileachd agus cunbhalachd sheirbheisean sòisealta ann an Alba.
  • Mhol an Lèirmheas Neo-eisimeileach air Cùram Sòisealta Inbheach gun rachadh Seirbheis Chùraim Nàiseanta a chruthachadh, le Ministearan na h-Alba cunntachail airson taic cùram sòisealta inbheach.
  • Dh’aontaich 72% den luchd-fhreagairt a fhreagair co-chomhairle na Seirbheis Cùraim Nàiseanta gum bu chòir do mhinistearan a bhith cunntachail airson a bhith a’ lìbhrigeadh cùram sòisealta, tron t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta.
  • Tha e ro-chudromach gun tèid ath-leasachaidhean air taic cùram sòisealta, obair shòisealta agus seirbheisean slàinte coimhearsnachd a chruthachadh leis na daoine bhios a’ cleachdadh na taic sin, a’ gabhail a-steach luchd-cùraim gun phàigheadh, agus leis an fheadhainn a tha ga toirt seachad. Tha Riaghaltas na h-Alba air gealltainn conaltradh a dhèanamh le daoine le eòlas beatha gus mion-fhiosrachadh an t-siostaim ùir a cho-dhealbhadh, gus structaran agus dòighean-obrach ùra aontachadh gus a’ bheàrn eachdraidheil eadar rùn reachdail agus lìbhrigeadh a lùghdachadh.
  • Air an adhbhar sin tha am Bile a’ cruthachadh frèam airson Seirbheis Chùraim Nàiseanta, ach a’ fàgail àite airson barrachd cho-dhùnaidhean a dhèanamh aig ìrean nas fhaide air adhart tro cho-dhealbhadh leis an fheadhainn aig a bheil eòlas beatha air an t-siostam cùram sòisealta, agus sùbailteachd gus an leasaich an siostam thar ùine.
  • Thèid cuid de na co-dhùnaidhean sin san àm ri teachd a chur an gnìomh tro fho-reachdas agus bidh cuid eile a rèir poileasaidh agus cleachdadh. Nuair a thèid na co-dhùnaidhean sin a chur an gnìomh tro fho-reachdas (fon Bhile seo no tro chumhachdan a bh’ ann roimhe), thèid measaidhean buaidh ionmhais is riaghlaidh a thoirt seachad. Mar sin bidh cothroman a bharrachd aig a’ Phàrlamaid sgrùdadh a dhèanamh air a’ bhuaidh a bheir na h-ath-leasachaidhean a tha Riaghaltas na h-Alba a’ moladh air an t-siostam cùram shòisealta.
  • Ach, tha Riaghaltas na h-Alba mothachail nach urrainn dhuinn feitheamh gus an tòisich an t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta mus tòisich sinn air dèiligeadh ri dùbhlain ann an cùram sòisealta, agus sin as coireach gun deach Bile na Seirbheis Cùraim Nàiseanta (Alba) a thoirt a-steach dhan Phàrlamaid Diluain 20 Ògmhios. Tha sinn a’ gabhail ceumannan aig an àm seo gus piseach a thoirt air na builean aig dhaoine a tha a’ faighinn cùram is taic.
  • Bidh an t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta air leth bho Sheirbheis Nàiseanta na Slàinte.

Dè mu dheidhinn àite a’ Mhaoin Beatha Neo-eisimeileach (Independent Living Fund - ILF) anns an t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta?

  • Is e a’ bhunait reachdail leantainneach airson gnìomhachd ILF Earrann 1A de dh’Achd NHS na h-Alba 1978 agus mar sin chan eil e a’ tighinn fo Bhile na Seirbheis Cùraim Nàiseanta.

An tèid beachdachadh air cùisean bìdh co-cheangailte ri slàinte taobh a-staigh na Seirbheis Cùraim Nàiseanta san àm ri teachd?

  • Thathar a' dèanamh obair tro Riaghaltas na h-Alba air fad agus thathar air buidheann tar-phrògram a stèidheachadh. Bidh cùisean eile leithid An Gealladh, ceangailte ris.
  • Tha Bile na Seirbheis Cùraim Nàiseanta (Alba) aig ìre àrd, agus chan eil e a’ toirt iomradh air rudan mionaideach leithid biadh, ach bidh ullachadh mionaideach ann an riaghailtean.
  • A bharrachd air sin, fo Achd Nàisean an Deagh Bhìdh (Alba) 2022 feumaidh Ministearan na h-Alba plana nàiseanta airson biadh math ullachadh.
  • Tha an Achd a' cur an cèill gum feum am plana seo, am measg rudan eile, aire a thoirt dhan chothrom a bheir cùisean co-cheangailte ri biadh buaidh air builean co-cheangailte ri slàinte agus sunnd corporra is inntinn (a' gabhail a-steach gu sònraichte tro sholarachadh sheirbheisean slàinte is cùram sòisealta). Tha seo na dheagh chothrom gus dèanamh cinnteach gum beachdaichear mar as coir air a' cheangal eadar biadh is cùram-sòisealta.

Ciamar a tha stiùiridhean agus riaghailtean ag obair, agus dè an diofar eatorra?

  • Tha am Bile a' moladh cumhachdan a thoirt do mhinistearan riaghailtean a dhèanamh no stiùireadh a thoirt seachad air diofar chùisean. Chan fhaod ministearan riaghailtean no stiùireadh a thoirt seachad ach a-mhàin taobh a-staigh crìochan na dh'aontaich a' Phàrlamaid ann an Achd (tha Bile na dhreachd Achd). Feumaidh Pàrlamaid gabhail ri riaghailtean (no an diùltadh), ach chan urrainn dhith an atharrachadh. Chan fheum stiùireadh a dhol tron Phàrlamaid. Faodar an toirt dhan a h-uile buidheann no dìreach do chuid.
  • Cruthaichidh obair co-dhealbhaidh am poileasaidh air na bu chòir a bhith anns na riaghailtean agus an stiùireadh thairis air an ath bhliadhna no dhà. Aon uair 's gu bheil am Bile air aontachadh foillsichidh sinn clàr-ama gus riaghailtean a thoirt dhan Phàrlamaid.

Tha daoine ann an Alba aig nach eil còir laghail a bhith a’ fuireach ann, a’ fàgail nach fhaigh iad cothrom air seirbheisean cùram sòisealta, am biodh an t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta ri faighinn do dhaoine aig nach eil còir fuireach?

Contact

Email: NationalCareService@gov.scot

Back to top